Prògram Gàidhlig le Bogadh air a dhèanamh maireannach aig Oilthigh Ghlaschu
Prégram Gàidhlig le Bogadh air a dhèanamh maireannach aig Oilthigh Ghlaschu. [English below]. Tha prégram pìleat Gàidhlig le Bogadh aig Oilthigh Ghlaschu dol a bhith maireannach, chaidh a chur an cèill an-diugh (Diluain 4 an Dùbhlachd 2024). Tha am prégram Gàidhlig le Bogadh air gealladh maoineachaidh leantainneach fhaighinn bho Cholaiste nan Ealan is nan Daonnachdan aig Oilthigh Ghlaschu. Mar sin, thèid Gàidhlig le Bogadh a stèidheachadh mar phàirt bunaiteach dhe phrégraman farsaing Cheiltis & Gàidhlig aig a- Cholaiste. Ann an 2017, chuir a- Cholaiste sgrùdadh air déigh feuch an gabhadh cothrom bogaidh ann an Glaschu a dhèanamh agus fhuaras fios gun robh iarrtas ann airson barrachd chothroman ionnsachaidh leantainneach am measg oileanaich agus luchd-ionnsachaidh inbheach. Dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh am prégram Gàidhlig le Bogadh a thabhann do dh-oileanaich, an toiseach mar phréiseact pìleat fad trì bliadhna le taic-airgid bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba.


